Jump to content

Salvador Puig i Antich

O Uicipeid
Salvador Puig i Antich
Beatha
Breith Barcelona, 30 dhen Chèitean 1948
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Bàs Barcelona, 2 dhen Mhàrt 1974
Àite-adhlacaidh Cladh Montjuïc
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (garrote (en) Translate)
Murtair Antonio López Sierra (en) Translate
Teaghlach
Càraid Margalida Bover (mul) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam La Salle Bonanova (en) Translate
Cànain Catalanais
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-iomairt, neach-poileataigs agus anarcaiche
Neach-fànais
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Movimiento Ibérico de Liberación (en) Translate
salvadorpuigantich.info

B’e Salvador Puig i Antich (IPA: səɫβəˈðo ˈpudʒ i: ənˈtik, Barcelona, 30 an Cèitean 1948–Barcelona 2 am Màrt 1974) Anarcach à Catalòinia a chuireadh gu bàs rè deachdaireachd Fhranco anns An Spàinn.[1]

'S e an treas mac dhe sianar a bh' ann Salvador Puig i Antich. Bhuineadh e do theaghlach meadhanach-luchd obrach. Bha athair, Joaquim Puig, air a bhith na bhall Acció Catalana (Gàidhlig: Iomairt Chatalanach) rè Dàrna Poblachd na Spàinne (1931 – 1939). B' fheudar dha teicheadh chun na Frainge is e na fhògarrach ann an campa ann an Argelès an dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne (1936 – 1939).[2] Fhuair esan binn bàis nuair a thill e gus An Spàinn, ach shàbhaladh a bheatha mus do chuireadh gu bàs e.[3]

Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil Chaitligeach Salle Bonanova,[4] air adhbharan a chuid dhroch ghiùlain. Stèidhich an ceathrar am buidheann Movimiento Íbero de Liberación (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am Paris sa Chèitean 1968.[5] A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na aonaidhean-ciùird taobh Comisiones Obreras cuideachd.[6] Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an Eaconomachd agus Poileataigs san oilthigh.[7] Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhladh iad gu tric chun na Frainge.

Chuireadh e an greim leis a' Phoileas Speisealta ann am Barcelona air an 25mh latha dhen Shultain 1973. Gu dòrainneach, chaochail oifigear-poileis air an robh Francisco Anguas Barragán ann an sabaid doirbh le gunnaichean ann an doras flat san sràid Carrer de Girona.[8] Chaidh Puig Antich leòinte cuideachd. Fhuair e binn bàis bho Chùirte an Airm airson murt Bharragán. Dhiùlt a’ Chùirte fianais a chluinntinn a chuideachadh Puig Antich.[9] A dh’aindeoin iomairt mhòr eadar-nàiseanta gus a bheatha a shàbhaladh, chaidh e chur gu bàs aig 9:30m air an dàrna latha dhen Mhàrt 1974.[10] Bha e dìreach 25 bliadhna a dh’aois. Bha Riaghaltas na Dùthcha airson dìoghaltas fhaighinn air sgàth s’ gun do mharbh ETA ceannard Spàinnteach air an robh Carrero Blanco. Chaidh Puig Antich a thìodhlachadh ann an Cementerio de Barcelona.[11]

Fiolmaichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Portal Oaca
  2. ↑ El País
  3. ↑ Portal Oaca
  4. ↑ El País
  5. ↑ Portal Oaca
  6. ↑ Clandestino de Autores
  7. ↑ Portal Oaca
  8. ↑ Solidaridad Obrera
  9. ↑ El País
  10. ↑ Portal Oaca
  11. ↑ Público